An Darach Ltd
Eilean Leòdhais

Is e companaidh-teaghlaich beag stèidhichte an Dùn Èideann a th'anns An Darach Earranta agus tha sinn a'tabhann raon de sheirbheisean còmhdhail pearsanta agus seirbheisean Gàidhlig do luchd-ceannach.

Gheibhear seirbheis draibhidh agus turasachd bho dhraibhear a tha earbsach agus comasach agus a chaith barrachd air deich air fhichead bliadhna ann an seirbheis phroifeasanta phoblaich. Mar Eileanach dà-chànanach à Innse Gall, tha e mion-eòlach air Alba, agus gu sònraichte air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan an Iar.

Gheibhear seirbheisean Gàidhlig bho neach-labhairt dùthchasach, eòlach Gàidhlig aig a bheil eòlas fad-bheatha ann an saoghal na Gàidhlig, a'choimhearsnachd, beatha shòisealta, dualchas, foghlam, ath-bheothachadh cànain, agus leasachaidhean poileataigeach. Aithnichear bho na seirbheisean eadar-theangachaidh agus fiosrachaidh a thathas a'tabhann gu bheil seo a' tighinn bho neach-aithris cinnteach, eòlach, le sgilean làimhseachail agus aig a bheil deagh thuigse air suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba.

Chan fhaighear na seirbheisean seo ach a-mhàin eadar Diluain agus Disathuirne.

Feuch an seall sibh ris na duilleagan fa-leth airson mion-fhiosrachaidh mu na seirbheisean againn.

Bidh sinn toilichte ar seirbheisean a thabhann dhuibh.